Friday, 11 April 2008

Fàs


...de Sabhal Mòr Ostaig:

Thèid Fàs, an t-ionad ùr £8millean airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach aig Sabhal Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach, fhosgladh an-diugh leis a’ Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond BPA.

A’ bruidhinn air an ionad ùr, thuirt am Prìomh Mhinistear, a lìbhrig Òraid an t-Sabhail Mhòir a chaidh a chraoladh air telebhisean bho chionn goirid:

“Tha comas aig an ionad ùr airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith na thobar do raon farsaing de ghoireasan is sheirbheisean cultarach Gàidhlig.”

Tha am fosgladh oifigeil a’ comharrachadh ceum mòr eile air adhart ann an leasachadh Sabhal Mòr Ostaig mar Ionad Nàiseanta do Chànan is Chultar na Gàidhlig...

No comments: